Ho ró mo
nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
A pheig-I dhonn nam blàth-shul,
Gur trom a thug mi gradh dhuit.
Tha t’ iomhaigh ghaoil, ‘us tailleachd
A ghnàth tigh’nn fo m’ùidh
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
Cha cheil mi air an t-saoghal,
Gu bheil mo mhiann ‘s mo ghaol ort;
‘S ged chaidh mi uait air faondhradh,
Cha chaochail mo rùn.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
‘N uair bha mi ann ad làthair,
Bu shona bha mo làithean
A’ sealbhachadh do mhànrain,
‘Us àille do ghnùis.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
Gnùis aoidheil, bhanail, mhàlda
Na h-òigh a’s caoimhe nàdur;
I suairce, ceanail, bàigheil,
Làn gràis agus mùirn.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
Ach riamh o’n dh’fhag mi t’fhianuis,
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom ‘ga phianadh
Le iarguin do rùin.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
Ge lurach air a’ chabhsair,
Na mnathan òga Gallda,
A righ gur bheag mo gheall-s’
Air bhi sealltainn ‘n an gnùis.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
‘S ann tha mo rùn ‘s na beanntaibh,
Far bheil mo ribhinn ghreannar,
Mar ròs am fàsach shamhraidh
An gleann fad ‘o shùil.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
Ach ‘n uair a thig an Samhradh,
Bheir mise sgrìob do’n ghleann ud,
‘S gu ‘n tog me leam do’n Ghallachd,
Gur h-annsail am flùr.
Ho ró mo nighean donn bhòidheach
Hi rì mo nighean donn bhòidheach
Mo chail-eag lagh-ach bhòidheach
Cha phòs-ainn ach thu
|
|
|